![]() |
||
Poets •
Biographies •
Poems by Themes •
Random Poem •
The Rating of Poets • The Rating of Poems |
||
|
Poem by Duncan Ban MacIntyre Cumha Choire A' Cheathaich Is duilich leam an càradh Th'air coire gorm an fhàsaich, An robh mi greis am àrach 'S a' Bhràighe so thall; Is iomadh fear a bharr orm A thaitneadh e r'a nàdur, Nam biodh e mar a bha e An uair dh'fhàg mi e nall. Gunnaireachd is làmhach Spurt is aobhar gàire, Chleachd bhith aig na h-àrmuinn A b'àbhaist bhith 's a' ghleann. Rinn na fir ud fhàgail, Is Mac Eoghainn t'ann an dràsda, Mar chlach an ionad càbaig An àite na bh'ann. Tha an coire air dol am fàillinn, Ged ithear thun a' bhlàir e, Gun duine aig a bheil càs deth Mu'n àite anns an am, Na féidh a bh'ann air fhàgail, Cha d'fhuirich gin air àruinn, Is chan 'eil an àite tàmha Mar bha e 's a' ghleann. Tha am baran air a shàrach', Is dh'fhairtlich air an tàladh, Gun sgil aig air an nàdur Ged thàinig e ann: B'fheàrr dha bhith mar b'àbhaist, Os cionn an t-soithich chàtha, Is a làmhan a bhith làn dith, 'Ga fàsgadh gu teann. Is e mùthadh air an t-saoghal An coire laghach gaolach A dhol a nis air faondradh, Is am maor a theachd ann: Is gur h-e bu chleachdainn riamh dha Bhith trusadh nan cearc biata; Gur tric a rinn iad sianail Le pianadh do làmh; Is iad 'nam baidnibh riabhach Mu t'amhaich 's ann ad sgiathan: Bhiodh itealaich is sgiabail Mu t'fhiaclan 's an am. Bu ghiobach thu ri riaghailt Mu chidsin tigh an Iarla, Gar nach b'e do mhiann Bhith cur bhian air an staing. Ged tha thu nis 's a' Bhràighe Cha chompanach le càch thu, Is tha h-uile duine tàir ort O'n thàinig thu ann. Is éiginn duit am fàgail Na's miosa na mar thàinig; Cha taitinn thu r'an nàdur Le cnàmhan 's le cainnt. Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach, An uair rachadh tu mun cuairt daibh, Cha dèan thu ach am fuadach' Suas feadh nam beann, Leis a' ghunna nach robh buadhmhor Is a' mheirg air a toll-cluaise: Cha eirmis i na cruachan, An cuaille dubh cam. Is e an coire chaidh an déislaimh O'n tha e nis gun fhéidh ann, Gun duine aig a bheil spéis diubh Nì feum air an cùl. O'n tha iad gun fhear-gléidhte Chan fhuirich iad r'a chéile, Is ann ghabh iad an ratreuta Seach réidhlean nan Lùb. Chan 'eil prìs an ruadh-bhuic An coille no air fuaran, Nach b'éiginn da bhith gluasad Le ruaig feadh na dùthch'; Is chan 'eil a nis mun cuairt da Aon spurt a dhèanadh suairceas, No thaitneadh ri duine uasal Ged fhuasgladh e chù. Tha chiolle bh'anns an fhrìth ud 'Na cuislean fada dìreach, Air tuiteam is air crìonadh Sìos as an rùsg. Na prisein a bha brìoghmhor 'Nan dosaibh tiugha lìonmhor, Air seacadh mar gun spìont' iad A nìos as an ùir. Na failleanan bu bhòidhche, Na slatan is na h-ògain, Is an t-àit am biodh na smeòrach Gu mòdhar a' seinn ciuil, Tha iad uile air caochladh, Cha d'fhuirich fiodh no fraoch ann; Tha am mullach bharr gach craoibhe Is am maor 'ga thoirt diùbh. Tha uisge Srath na Dìge Water of Deige 'Na shruthladh dubh gun sìoladh, Le barraig uaine lìghlais Gu mì-bhlasda grannd. Feurlochain is tàchair An cinn an duilleag-bhàite, Chan 'eil gnè tuille fàs anns An àit ud 'san ám. Glumagan a' chàthair 'Na ghlugaibh domhain sàmhach, Cho tiugh ri sùghan càtha 'Na làthaich 's 'na phlam. Sean bhurn salach ruadhain Cha ghlaine ghrunnd na uachdar; Gur coslach ri muir ruaidh e, 'Na ruaimle feadh stang. Tha 'n t-àit an robh na fuarain Air fàs 'na chroitean cruaidhe, Gun sobhrach, gun dail-chuaich, Gun lus uasal air carn. An sliabh an robh na h-eildean, An àite laighe is éirigh Cho lom ri cabhsair féille, Is am feur, chinn e gann. Chuir Alasdair le ghéisgeil A' ghreigh us as a chéile; Is ar leam gur mór an eucoir An eudail a chall. Cha lugha an t-aobhar mìothlachd, Am fear a cleachd bhith tìorail, A' tèarnadh is a' dìreadh Bi frìth nan damh seang. Ach ma's duine de shliochd Phàruig A théid a nis do'n àite, Is gun cuir e as a làraich An tàcharan a th'ann, Bidh 'n coire mar a bha e, Bidh laoigh is aighean dàra ann, Bidh daimh a' dol 's an dàmhair Air fàsach nam beann. Bidh buich 's na badan blàtha, Na bric 'san abhainn làimh riu, Is na féidh air Srath na Làirce Ag àrach nam mang. Thig gach uile nì g'a àbhaist Le aighear is le àbhachd, An uair gheibh am baran bàirlinn Sud fhàgail gun taing. Duncan Ban MacIntyre Duncan Ban MacIntyre's other poems: Warning: mysql_num_rows(): supplied argument is not a valid MySQL result resource in /home/geocafeana/eng-poetry.ru/docs/english/Poem.php on line 211 ![]() 1290 Views |
|
|
||
English Poetry. E-mail eng-poetry.ru@yandex.ru |