Poets •
Biographies •
Poems by Themes •
Random Poem •
The Rating of Poets • The Rating of Poems |
||
|
Poem by Duncan Ban MacIntyre Oran Choire a' Cheathaich 'S e Coir' a' Cheathaich nan aighean siùbhlach An coire rùnach as ùrar fonn; Gu lurach miadarach mìn geal sùghmhor Gach luisean flùar bu chùbhraidh leam; Gu mollach dùbhghorm torrach lùisreagach Corrach plùranach dlùthghlan grinn Caoin ballach dìtheanach cannach mìsleanach Gleann a' mhìltich as lìonmhor mang. Tha fallaing dhùinte gu daingean dùbailt' A mhaireas ùine, mun rùisg i lom, De 'n fheur as cùlfhinne dh’fhàs na h-ùrach, 'S a bhàrr air lùbadh le drùchda trom, Mu choire guanach nan torran uaine, A bheil luibh is luachair a suas g' a cheann; 'S am fàsach guamach an càs a bhuanadh, Nam b'àite cruaidh e, 'm biodh tuath le 'n suim. Tha trusgan faoilidh air cruit an aonaich Chuir sult is aoibh air gach taobh a d’chom; Mìnfheur chaorach is barra bhraonan 'S gach lus a dh’fhaodadh bhith 'n aodann thom, Mu’n choir' as aoigheil' a tha r’a fhaotainn, A chunna' daoine an taobh seo 'n Fhraing; Mur dèan e caochladh, b’e 'n t-aighear saoghalt' Do ghillean aotrom bhith daonnan ann. 'S ann mu 'n Ruadh Aisridh dh’fhàs na cuairteagan, Cluthmhor cuaicheanach cuannar ard; A h-uile cluaineag 's am bàrr air luasgadh, 'S a' ghaoth 'gan sguabadh a nunn 's a nall; Bun na cìoba is bàrr a' mhìltich, A' chuiseag dhìreach 's an fhìteag-cham; Muran brìoghmhor 's an gruannag lìonmhor, Mu’n chuilidh dhìomhair am bì na suinn. Tha sliabh na làirig an robh Mac Bhàididh 'Na mhòthar fàsaich 's 'na stràca trom; Slios na Bàn Leacainn, chan i as tàire, 'S gur tric a dh'àraich i 'n làndamh donn; 'S na h-aighean dàra nach téid do’n bhàthaich A bhios le’n àlach gu h-àrd 'nan grunn; 'S na laoigh gu h-ùiseil a là 's a dh’oidhche, 'S na h-uiread cruinn diubh air Druim Clach Fionn. Do leaca choibhneil gu dearcach braoileagach Breac le foighreagan 's cruinn-dearg ceann; An creamh 'na chaithrichibh 'm bac nan staidhrichean, Stacan fraoidhneasach nach bu ghann; Am beàrnan-brìde 's a' pheighinn-rìoghail 'S an canach mìn geal, 's am mìslean ann — 'S a h-uile mìr dheth o’n bhun as ìsle Gu h-ionad cìrean na crìch' as aird'. Is rìomhach còta na Craige Móire 'S chan 'eil am fòlach ad chòir 'san am, Ach meanan-còinnich, o’s è bu nòsaire, Air a chòtachadh bhos is thall; Na lagain chòmhnard am bun nan sròineag Am bi na sóbhraichean 's neònain fann Gu bileach feòirneanach milis ròinneagach Mollach ròmach, gach seòrs' a th’ann. Tha mala ghruamach de’n bhiolair uaine Mu’n h-uile fuaran a th’anns an fhonn, Is doire shealbhag aig bun nan garbhchlach, 'S an grinneal gainmhich gu meanbhgheal pronn; 'Na ghlugan plumbach air ghoil gun aon teas, Ach coilich bùirn tighinn a grunnd eas lom, Gach sruthan uasal 'na chuailean cùlghorm A' ruith 'na spùta 's 'na lùba steoll. Tha bradan tarrgheal 'sa' choire gharbhlaich Tha tighinn o’n fhairge bu ghailbheach tonn, Le luinneis mheamnach a' ceapadh mheanbhcuileag Gu neo-chearbach le chamghob crom, Air bhuinne borb is e leum gu foirmeil 'Na éideadh colgail bu ghormghlas druim, Le shoillsean airgid gu h-iteach meanbhbhreac Gu lannach deargbhallach earrgheal slìom. 'S e Coir' a' Cheathaich an t-aithir prìseil 'S an t-àite rìoghail mu’m bìt' a' sealg; 'S bidh féidh air ghiùlan le làmhach fùdair Cur luiaidhe dhùbhghorm gu dlùth nan calg; An gunna gleusda 's an cuilean eutrom Gu fuileach feumanach treubhach garg, A' ruith gu siùbhlach 's a' gearradh shùrdag 'S a' dol g' a dhùbhlan ri cùrsan dearg. Gheibhte daonnan mu d’ghlacaibh faoine Na h-aighean maola, na laoigh 's na maing; Siud bu mhiann leinn am madainn ghrianaich, Bhith dol g' an iarraidh 's a' fiadhach bheann; Ged thigeadh siantan oirnn, uisg' is dìle, Bha seòl g' ar dìdneadh mu’n chrìch 'san am, An creagan ìosal am bun na frìthe, 'San leabaidh-dhìona 's mi’m shìneadh ann. 'Sa mhadainn chiùinghil an am dhomh dùsgadh Aig bun na stùice b’e 'n sùgradh leam, A' chearc le sgiùcan a' gabhail tùchain 'S an coileach cùirteil a' dùrdail crom; An dreathan sùrdail 's a ribheid chiùil aig', A' cur nan smùid deth gu lùthmhor binn; An druid 's am brùdhearg le móran ùinich Ri ceileir sunndach bu shiùbhlach rann. Bha eòin an t-sléibhe 'nan ealtainn ghléghlain A' ghabhail bheusan air ghéig 'sa' choill; An uiseag cheutach 's a luinneag féin aice, Feadan spéiseil gu réidh a' seinn; A' chuthag 's smeòrach am bàrr an ògain A' gabhail òrain gu ceòlmhor binn; 'N uair ghoir an cuanal gu loinneil guanach 'S e 's gloin' a chualas am fuaim 'sa' ghleann. 'N uair thig iad còmhla, na bheil ad chòir-sa De 'n h-uile seòrsa bu chòir bhith ann — Damh na cròice air srath na mòintich 'S e gabhail crònain le dreòcam àrd, A' dol 'san fhéithidh gu bras le h-éibhneas A' mire-leumnaich ri éildeig dhuinn; B’i sin an ribhinn a dh’fhàs gu mìleanta Foinneamh fìleanta dìreach seang. Tha mhaoisleach chùlbhuidh air feadh na dùslainn Aig bun nam fiùran 'gan rùsgadh lom; 'S am boc gu h-ùdlaidh ri leabaidh chùirteil 'S e 'ga bùrach le rùdan crom; 'S am minnean riabhach bu luime cliathach, Le chuinnean fiadhta, as fiadhaich ceann, 'Na chadal guamach an lagan uaigneach, Fo bhàrr na luachrach, 'na chuairteig chruinn. Is lìonmhor cnuasachd a bha mun cuairt duit, Ri am am buanadh bu luaineach clann Ri teanal guamach gu fearail suairce, 'S a' roinn gu h-uasal na fhuair iad ann: Céir-bheach 'na cnuacaibh 's an nead 'na chuairteig, 'S a' mhil 'ga buanachd air cruaidh an tuim Aig seilein riabhacha breaca srianach Le’n crònan cianail as fiadhta srann. Bha cus r’a fhaotainn de chnothan caoine 'S cha b’iad na caochagan aotrom gann, Ach bagailt mhaola bu taine plaoisg A' toirt brìgh a laodhan nam maothshlat fann; Srath nan caochan 'na dhosaibh caorrainn, 'S 'na phreasaibh caola, làn chraobh is mheang; Na gallain ùra, 's an faillein dhlùtha, 'S am barrach dùinte mu chùl nan crann. Gach àite timcheall 'nam fàsach iomlan, Am Màm is Fionn Ghleann 's an Tuilm 'ga chòir; Meall Tionail làimh ris gu mollach tlàthail, B’e chulaidh dh'àrach an àlaich òig; Na daimh 's na h-éildean am madainn Chéitein Gu moch ag éirigh air réidhlean feòir, Greighean dhearg dhiubh air taobh gach leargain, Mu’n chore gharbhlaich dh’an ainm an Ceò. Duncan Ban MacIntyre Duncan Ban MacIntyre's other poems: Warning: mysql_num_rows(): supplied argument is not a valid MySQL result resource in /home/geocafeana/eng-poetry.ru/docs/english/Poem.php on line 211 1201 Views |
|
English Poetry. E-mail eng-poetry.ru@yandex.ru |