Duncan Ban MacIntyre


Cumha Choire A' Cheathaich


Is duilich leam an càradh
Th'air coire gorm an fhàsaich,
An robh mi greis am àrach
‎     'S a' Bhràighe so thall;
Is iomadh fear a bharr orm
A thaitneadh e r'a nàdur,
Nam biodh e mar a bha e
‎     An uair dh'fhàg mi e nall.
Gunnaireachd is làmhach
Spurt is aobhar gàire,
Chleachd bhith aig na h-àrmuinn
‎     A b'àbhaist bhith 's a' ghleann.
Rinn na fir ud fhàgail,
Is Mac Eoghainn t'ann an dràsda,
Mar chlach an ionad càbaig
‎     An àite na bh'ann.

Tha an coire air dol am fàillinn,
Ged ithear thun a' bhlàir e,
Gun duine aig a bheil càs deth
‎     Mu'n àite anns an am,
Na féidh a bh'ann air fhàgail,
Cha d'fhuirich gin air àruinn,
Is chan 'eil an àite tàmha
‎     Mar bha e 's a' ghleann.
Tha am baran air a shàrach',
Is dh'fhairtlich air an tàladh,
Gun sgil aig air an nàdur
‎     Ged thàinig e ann:
B'fheàrr dha bhith mar b'àbhaist,
Os cionn an t-soithich chàtha,
Is a làmhan a bhith làn dith,
‎     'Ga fàsgadh gu teann.

Is e mùthadh air an t-saoghal
An coire laghach gaolach
A dhol a nis air faondradh,
‎     Is am maor a theachd ann:
Is gur h-e bu chleachdainn riamh dha
Bhith trusadh nan cearc biata;
Gur tric a rinn iad sianail
‎     Le pianadh do làmh;
Is iad 'nam baidnibh riabhach
Mu t'amhaich 's ann ad sgiathan:
Bhiodh itealaich is sgiabail
‎     Mu t'fhiaclan 's an am.
Bu ghiobach thu ri riaghailt
Mu chidsin tigh an Iarla,
Gar nach b'e do mhiann
‎     Bhith cur bhian air an staing.

Ged tha thu nis 's a' Bhràighe
Cha chompanach le càch thu,
Is tha h-uile duine tàir ort
‎     O'n thàinig thu ann.
Is éiginn duit am fàgail
Na's miosa na mar thàinig;
Cha taitinn thu r'an nàdur
‎     Le cnàmhan 's le cainnt.
Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach,
An uair rachadh tu mun cuairt daibh,
Cha dèan thu ach am fuadach'
‎     Suas feadh nam beann,
Leis a' ghunna nach robh buadhmhor
Is a' mheirg air a toll-cluaise:
Cha eirmis i na cruachan,
‎     An cuaille dubh cam.

Is e an coire chaidh an déislaimh
O'n tha e nis gun fhéidh ann,
Gun duine aig a bheil spéis diubh
‎     Nì feum air an cùl.
O'n tha iad gun fhear-gléidhte
Chan fhuirich iad r'a chéile,
Is ann ghabh iad an ratreuta
‎     Seach réidhlean nan Lùb.
Chan 'eil prìs an ruadh-bhuic
An coille no air fuaran,
Nach b'éiginn da bhith gluasad
‎     Le ruaig feadh na dùthch';
Is chan 'eil a nis mun cuairt da
Aon spurt a dhèanadh suairceas,
No thaitneadh ri duine uasal
‎     Ged fhuasgladh e chù.

Tha chiolle bh'anns an fhrìth ud
'Na cuislean fada dìreach,
Air tuiteam is air crìonadh
‎     Sìos as an rùsg.
Na prisein a bha brìoghmhor
'Nan dosaibh tiugha lìonmhor,
Air seacadh mar gun spìont' iad
‎     A nìos as an ùir.
Na failleanan bu bhòidhche,
Na slatan is na h-ògain,
Is an t-àit am biodh na smeòrach
‎     Gu mòdhar a' seinn ciuil,
Tha iad uile air caochladh,
Cha d'fhuirich fiodh no fraoch ann;
Tha am mullach bharr gach craoibhe
‎     Is am maor 'ga thoirt diùbh.

Tha uisge Srath na Dìge Water of Deige
'Na shruthladh dubh gun sìoladh,
Le barraig uaine lìghlais
‎     Gu mì-bhlasda grannd.
Feurlochain is tàchair
An cinn an duilleag-bhàite,
Chan 'eil gnè tuille fàs anns
‎     An àit ud 'san ám.
Glumagan a' chàthair
'Na ghlugaibh domhain sàmhach,
Cho tiugh ri sùghan càtha
‎     'Na làthaich 's 'na phlam.
Sean bhurn salach ruadhain
Cha ghlaine ghrunnd na uachdar;
Gur coslach ri muir ruaidh e,
‎     'Na ruaimle feadh stang.

Tha 'n t-àit an robh na fuarain
Air fàs 'na chroitean cruaidhe,
Gun sobhrach, gun dail-chuaich,
‎     Gun lus uasal air carn.
An sliabh an robh na h-eildean,
An àite laighe is éirigh
Cho lom ri cabhsair féille,
‎     Is am feur, chinn e gann.
Chuir Alasdair le ghéisgeil
A' ghreigh us as a chéile;
Is ar leam gur mór an eucoir
‎     An eudail a chall.
Cha lugha an t-aobhar mìothlachd,
Am fear a cleachd bhith tìorail,
A' tèarnadh is a' dìreadh
‎     Bi frìth nan damh seang.

Ach ma's duine de shliochd Phàruig
A théid a nis do'n àite,
Is gun cuir e as a làraich
‎     An tàcharan a th'ann,
Bidh 'n coire mar a bha e,
Bidh laoigh is aighean dàra ann,
Bidh daimh a' dol 's an dàmhair
‎     Air fàsach nam beann.
Bidh buich 's na badan blàtha,
Na bric 'san abhainn làimh riu,
Is na féidh air Srath na Làirce
‎     Ag àrach nam mang.
Thig gach uile nì g'a àbhaist
Le aighear is le àbhachd,
An uair gheibh am baran bàirlinn
‎     Sud fhàgail gun taing.






English Poetry - http://eng-poetry.ru/english/index.php. E-mail eng-poetry.ru@yandex.ru