James MacIntyre ( )


Òran don Ollamh MacIain


An t-ollamh thàinig á Sasann
‎ N coinneamh ri masl thoirt do dhAlba,
Ged fhuair e suairceas da chleachdadh
‎ Na astar air feadh nan Garbhchrioch,
Cho luaithe ràinig e dhachaigh
‎ Gu garaidh altram an t-seana-bhruic
Na rug an trùileach an asaid
‎ De bhreugan ascaoin s de shalachar.

Ach se n Donas fhéin a spor thu
‎ Thug an toil dhuit gun a chàileachd:
Bu chomhartaich dhuit ris a ghealaich
‎ Bhith tabhann ri clannaibh nan Gàidheal 
Is olc, a thrù, nach tug thu n aire
‎ Mun robh thu cho labharra dhàna
Nach e n cù as cruaidhe dealann
‎ As doimhne a ghearras a nàmhaid.

S dearbha nach fiach leam it iolair
‎ A spùilleadh, no tharraing à balg, dhuit:
S math a dhfhóghnas leam a ghèadhach
‎ Shlìom, ghlas, laghach gad mharbhadh 
Ceapag bhog challtainn gun chorran,
‎ Gun ghuin, gun oirean, gun chalg oirr,
A lotas do theanga s do cholann
‎ As comh-buige re torran mhealgan.

Chan eil mi creidsinn ga-rìreadh
‎ Gur Iaineach friamh na béiste,
Sann a fhuaridh e le mhàthair
‎ Ri coigreach le nàdar Bhénuis:
Balach gun mhodh, lomlàn miosgainn,
‎ Tràill neo-mhiosail air fhéin e 
Is tusa an fheòil a chaidh a dholaidh,
‎ A dhùbail boladh, air brénid.

Ach chan eil coille gun a crìonach
‎ S bidh clamhan lìonmhor sna seòcaibh,
S ainneamh ri fhaotainn magh cruithneachd
‎ Gun bhuilgear ann, gun fhòtas;
Tha coimeasg ri fhaighinn gu minig
‎ Anns na gineachainn as bòidhche,
S chan iongnadh thusa bhith ad thrustair,
‎ Ad thàir, s ad ghusgall de d sheòrsa.

Gur tu an losgann sleamhainn tàrrbhuidh,
‎ S tu màigein tàirrngeach nan digean,
Gur tu tearc-luachrach a chàthair
‎ Ri snàg s ri màgaran mìltich;
S tu bratag sgreataidh an fhàsaich,
‎ S tu n t-seilcheag ghrànda, bhog, lìtheach,
S tu n cartan nach fhuarasta thàrsainn
‎ Uait na thàrras tu nad ìngean.

Gur tu n sgonnachù gollach, sgallach,
‎ S tu tramasgal salach gach fàs-phoir,
S tu soplach is moll na fasnaig
‎ An àm sìol reachdmhor a chàthadh;
S tu tom odhar an tombaca,
‎ Gur tu stad feachda o bhlàraibh,
Gur tu croman-luch na h-ealtainn 
‎ S tu nis mìr-cagnaidh nam bàrdan.

Gur tu fuidheagan an aodaich,
‎ Gur tu cnò-chaoch na fìor fhàsaig,
S tu am madadh-allaidh air chonfhadh,
‎ Gur tu meas toirmisgt a ghàraidh,
S mòr tha de bheusan, a bhalaich,
‎ A bhrùid air carradh ad nàdar 
Chan iongnadh ged tha thu sgreamhail
‎ San fhail anns an deachaidh t àrach.

Cha bu tu n droigheann no n cuileann
‎ No n t-iubhar fulannach làidir,
Chan eil mir annad den darach
‎ No de sheileach dearg nam blàran;
Tha chuid as mò dhiot de chritheann,
‎ Ìngnean sgithich s làmhan feàrna 
Tha do cheann gu léir de leamhan,
‎ Gu h-àraidh do theanga s do chàirein.

Ceann puinnsein h a chinnich na fhàsach
‎ Den fhailbhe s den àileadh lomlàn
Gann uiread maighdeige-tràghad
‎ De dheanchainn nàdarr ad throm-cheann,
Chan iongnadh ged thigeadh toth gràineil
‎ O dheudach beàrnach do ronnachraois
S do chom gun chridhe gu d àinean
‎ Ach uiread màleid de dhombias.

Am measg nan iasg s tu n dallag mhùrlaich,
‎ A bhiast mhùgach sin m mac-làmhaich,
S tu n t-isean á meadhan na bréine,
‎ Am broc s a shròn na chéir trì ràithean,
A mhial chaorach dhan ainm at t-seulain,
‎ Salach an spréidh tha dhuit càirdeach 
S mur bitheadh nach toil leam ainm éisge,
‎ Gun dùraiginn fhéin do sgràilleadh.

Ach nì mi nis a bhrìgh do sgòrnail
‎ Glomhar ad bheul mòr a sparradh
Nach dealaich riut fhads as beò thu,
‎ Gach aon deireadh lò ga theannadh;
Bharrachd air na gheibh thu de riasladh
‎ Air ballan-stiallach gad spannadh 
B fheàrr dhuit nach beirte bho thòs thu
‎ Ach ad mharbh-laogh bò gun anam.



 . Poem to print (Poem to print)

: 832


To English version


@Mail.ru

. eng-poetry.ru@yandex.ru