Английская поэзия


ГлавнаяБиографииСтихи по темамСлучайное стихотворениеПереводчикиСсылкиАнтологии
Рейтинг поэтовРейтинг стихотворений

Duncan Ban MacIntyre (Дункан Бан Макинтайр)


Oran Choire a' Cheathaich


'S e Coir' a' Cheathaich nan aighean siùbhlach
An coire rùnach as ùrar fonn;
Gu lurach miadarach mìn geal sùghmhor
Gach luisean flùar bu chùbhraidh leam;
Gu mollach dùbhghorm torrach lùisreagach
Corrach plùranach dlùthghlan grinn
Caoin ballach dìtheanach cannach mìsleanach
Gleann a' mhìltich as lìonmhor mang.

Tha fallaing dhùinte gu daingean dùbailt'
A mhaireas ùine, mun rùisg i lom,
De 'n fheur as cùlfhinne dh’fhàs na h-ùrach,
'S a bhàrr air lùbadh le drùchda trom,
Mu choire guanach nan torran uaine,
A bheil luibh is luachair a suas g' a cheann;
'S am fàsach guamach an càs a bhuanadh,
Nam b'àite cruaidh e, 'm biodh tuath le 'n suim.

Tha trusgan faoilidh air cruit an aonaich
Chuir sult is aoibh air gach taobh a d’chom;
Mìnfheur chaorach is barra bhraonan
'S gach lus a dh’fhaodadh bhith 'n aodann thom,
Mu’n choir' as aoigheil' a tha r’a fhaotainn,
A chunna' daoine an taobh seo 'n Fhraing;
Mur dèan e caochladh, b’e 'n t-aighear saoghalt'
Do ghillean aotrom bhith daonnan ann.

'S ann mu 'n Ruadh Aisridh dh’fhàs na cuairteagan,
Cluthmhor cuaicheanach cuannar ard;
A h-uile cluaineag 's am bàrr air luasgadh,
'S a' ghaoth 'gan sguabadh a nunn 's a nall;
Bun na cìoba is bàrr a' mhìltich,
A' chuiseag dhìreach 's an fhìteag-cham;
Muran brìoghmhor 's an gruannag lìonmhor,
Mu’n chuilidh dhìomhair am bì na suinn.

Tha sliabh na làirig an robh Mac Bhàididh
'Na mhòthar fàsaich 's 'na stràca trom;
Slios na Bàn Leacainn, chan i as tàire,
'S gur tric a dh'àraich i 'n làndamh donn;
'S na h-aighean dàra nach téid do’n bhàthaich
A bhios le’n àlach gu h-àrd 'nan grunn;
'S na laoigh gu h-ùiseil a là 's a dh’oidhche,
'S na h-uiread cruinn diubh air Druim Clach Fionn.

Do leaca choibhneil gu dearcach braoileagach
Breac le foighreagan 's cruinn-dearg ceann;
An creamh 'na chaithrichibh 'm bac nan staidhrichean,
Stacan fraoidhneasach nach bu ghann;
Am beàrnan-brìde 's a' pheighinn-rìoghail
'S an canach mìn geal, 's am mìslean ann —
'S a h-uile mìr dheth o’n bhun as ìsle
Gu h-ionad cìrean na crìch' as aird'.

Is rìomhach còta na Craige Móire
'S chan 'eil am fòlach ad chòir 'san am,
Ach meanan-còinnich, o’s è bu nòsaire,
Air a chòtachadh bhos is thall;
Na lagain chòmhnard am bun nan sròineag
Am bi na sóbhraichean 's neònain fann
Gu bileach feòirneanach milis ròinneagach
Mollach ròmach, gach seòrs' a th’ann.

Tha mala ghruamach de’n bhiolair uaine
Mu’n h-uile fuaran a th’anns an fhonn,
Is doire shealbhag aig bun nan garbhchlach,
'S an grinneal gainmhich gu meanbhgheal pronn;
'Na ghlugan plumbach air ghoil gun aon teas,
Ach coilich bùirn tighinn a grunnd eas lom,
Gach sruthan uasal 'na chuailean cùlghorm
A' ruith 'na spùta 's 'na lùba steoll.

Tha bradan tarrgheal 'sa' choire gharbhlaich
Tha tighinn o’n fhairge bu ghailbheach tonn,
Le luinneis mheamnach a' ceapadh mheanbhcuileag
Gu neo-chearbach le chamghob crom,
Air bhuinne borb is e leum gu foirmeil
'Na éideadh colgail bu ghormghlas druim,
Le shoillsean airgid gu h-iteach meanbhbhreac
Gu lannach deargbhallach earrgheal slìom.

'S e Coir' a' Cheathaich an t-aithir prìseil
'S an t-àite rìoghail mu’m bìt' a' sealg;
'S bidh féidh air ghiùlan le làmhach fùdair
Cur luiaidhe dhùbhghorm gu dlùth nan calg;
An gunna gleusda 's an cuilean eutrom
Gu fuileach feumanach treubhach garg,
A' ruith gu siùbhlach 's a' gearradh shùrdag
'S a' dol g' a dhùbhlan ri cùrsan dearg.

Gheibhte daonnan mu d’ghlacaibh faoine
Na h-aighean maola, na laoigh 's na maing;
Siud bu mhiann leinn am madainn ghrianaich,
Bhith dol g' an iarraidh 's a' fiadhach bheann;
Ged thigeadh siantan oirnn, uisg' is dìle,
Bha seòl g' ar dìdneadh mu’n chrìch 'san am,
An creagan ìosal am bun na frìthe,
'San leabaidh-dhìona 's mi’m shìneadh ann.

'Sa mhadainn chiùinghil an am dhomh dùsgadh
Aig bun na stùice b’e 'n sùgradh leam,
A' chearc le sgiùcan a' gabhail tùchain
'S an coileach cùirteil a' dùrdail crom;
An dreathan sùrdail 's a ribheid chiùil aig',
A' cur nan smùid deth gu lùthmhor binn;
An druid 's am brùdhearg le móran ùinich
Ri ceileir sunndach bu shiùbhlach rann.

Bha eòin an t-sléibhe 'nan ealtainn ghléghlain
A' ghabhail bheusan air ghéig 'sa' choill;
An uiseag cheutach 's a luinneag féin aice,
Feadan spéiseil gu réidh a' seinn;
A' chuthag 's smeòrach am bàrr an ògain
A' gabhail òrain gu ceòlmhor binn;
'N uair ghoir an cuanal gu loinneil guanach
'S e 's gloin' a chualas am fuaim 'sa' ghleann.

'N uair thig iad còmhla, na bheil ad chòir-sa
De 'n h-uile seòrsa bu chòir bhith ann —
Damh na cròice air srath na mòintich
'S e gabhail crònain le dreòcam àrd,
A' dol 'san fhéithidh gu bras le h-éibhneas
A' mire-leumnaich ri éildeig dhuinn;
B’i sin an ribhinn a dh’fhàs gu mìleanta
Foinneamh fìleanta dìreach seang.

Tha mhaoisleach chùlbhuidh air feadh na dùslainn
Aig bun nam fiùran 'gan rùsgadh lom;
'S am boc gu h-ùdlaidh ri leabaidh chùirteil
'S e 'ga bùrach le rùdan crom;
'S am minnean riabhach bu luime cliathach,
Le chuinnean fiadhta, as fiadhaich ceann,
'Na chadal guamach an lagan uaigneach,
Fo bhàrr na luachrach, 'na chuairteig chruinn.

Is lìonmhor cnuasachd a bha mun cuairt duit,
Ri am am buanadh bu luaineach clann
Ri teanal guamach gu fearail suairce,
'S a' roinn gu h-uasal na fhuair iad ann:
Céir-bheach 'na cnuacaibh 's an nead 'na chuairteig,
'S a' mhil 'ga buanachd air cruaidh an tuim
Aig seilein riabhacha breaca srianach
Le’n crònan cianail as fiadhta srann.

Bha cus r’a fhaotainn de chnothan caoine
'S cha b’iad na caochagan aotrom gann,
Ach bagailt mhaola bu taine plaoisg
A' toirt brìgh a laodhan nam maothshlat fann;
Srath nan caochan 'na dhosaibh caorrainn,
'S 'na phreasaibh caola, làn chraobh is mheang;
Na gallain ùra, 's an faillein dhlùtha,
'S am barrach dùinte mu chùl nan crann.

Gach àite timcheall 'nam fàsach iomlan,
Am Màm is Fionn Ghleann 's an Tuilm 'ga chòir;
Meall Tionail làimh ris gu mollach tlàthail,
B’e chulaidh dh'àrach an àlaich òig;
Na daimh 's na h-éildean am madainn Chéitein
Gu moch ag éirigh air réidhlean feòir,
Greighean dhearg dhiubh air taobh gach leargain,
Mu’n chore gharbhlaich dh’an ainm an Ceò.



Перевод на русский язык

Раздол туманов


Раздол Туманов — страна оленей,
Раздол, одетый в зелёный цвет;
благоуханней, благословенней
в горах окрестных приюта нет:
здесь почва в пятнах, очам приятных,
щедра, цветуща, сладка, чиста,
вздыхает внятно и ароматно,
и здесь косуля всегда сыта.

Плащом просторным, тяжёлым дерном
укрыты скалы как бахромой;
в зелёных косах, в тяжёлых росах —
что высыхают глухой зимой.
Но лето — знойным и травостойным
здесь выдаётся: придёт страда —
жнецы, пожалуй, зарод немалый
сложили б, вызнав тропу сюда.

Пройдёшь ли через душистый верес,
учуешь донник, вблизи, вдали;
всё буйство здешней листвы орешной
и весь лоскутный покров земли —
ну да, в Париже — едва ли ближе —
найдёшь и яркость и красоту.
Зато на воле в родном Раздоле
леса и травы всегда в цвету.

У Рыжих Склонов — ряды фестонов:
ракитник, жимолость, остролист;
блестит цикорий среди нагорий,
как луг ни тесен — зато цветист.
Грядой ячменной, густой, отменной,
олени бродят, пасутся впрок;
в любом распадке — крестовник сладкий,
копите, звери, к зиме жирок.

Когда-то, кстати, здесь род Мак-Вати
лавины горной не миновал;
среди камений теперь олений
приют, вернее сказать — привал;
собрался в горы самец матёрый,
пройдёт по склону — и был таков;
а следом лихо мчит олениха:
ну, ждите скоро приплод телков.

В покрове мшаном, под черемшаном,
чернику славно в ладонь сгрести;
потешься дикой лесной брусникой,
да и морошка блестит в горсти;
дух мяты сладкой вдохни украдкой,
взгляни: метёлкой красна дремá,
густа, высока — шумит осока,
и так до самой стопы холма.

Гора особой одета робой:
что ни осыпься — уйдёт в компост.
У твёрдой кромки спят камнеломки,
всему прибыток, всему прирост:
не перепутай кипрей с цикутой;
Здесь маргаритки, здесь первоцвет,
раздол — в огромных цепях бахромных:
каких здесь только растений нет!

В любой мочаге, в стоячей влаге
зелёной бровью колышет кресс;
щавель курчавый, но величавый,
сквозь грубый гравий на свет пролез;
упав с обрыва нетерпеливо
шипит в раздоле ручей живой —
в азарте шалом прижмется к скалам,
с обрыва прянет, уйдет в сувой.

От моря — к пресной воде чудесной
лосось восходит метать икру:
над рябью частой летит, клювастый,
и ловит в воздухе мошкару.
Могучим телом и брюхом белым
сверкает в каждом своем прыжке
хвостом заплещет — вода трепещет:
владыка мчится вверх по реке!

Раздол Туманов: земля заветней,
охотник, вряд ли дана судьбой.
Порою летней — олень приметней,
и суше порох перед стрельбой.
Мушкет заряжен — но пёс отважен,
не даст добыче уйти в леса:
он осторожней, сильней, надёжней —
зверь королевский достоин пса.

Телки в разгулье живут косульи;
оленьим тропкам здесь нет конца.
Как славно летом уйти с рассветом,
собрав припасы для ружьеца.
А коль настала година шквала —
спустись под скалы и жди внизу;
в лесном притине заляжешь ныне,
весьма уютно проспишь грозу.

Под утро слушай: вот крик петуший —
и следом — каждый запеть охоч;
следи украдкой за куропаткой,
через торфяник бегущей прочь;
отнюдь не плохо, что птица — кроха:
крапивник — лучший из всех певцов;
тут спозаранку слыхать зарянку,
и перекличку лесных скворцов.

Полны различья рулады птичьи:
самцы подругам призывы шлют;
на ветках — трели: там свиристели,
а в небе — жаворонки поют.
с лесной опушки напев кукушки —
прекрасен столь же, сколь чист и прост;
среди Раздола выводит соло
охряный, пёстрый, певучий дрозд.

На склон отлогий — ветвисторогий
олень, гляди-ка, с низов пришёл:
на это место к нему невеста,
минуя вереск, спешит в Раздол;
их танцем брачным, прыжком удачным
любуясь, зритель сойдет с ума:
владыка леса — а с ним принцесса
легка в полёте, нежна, пряма.

В чащобе тихой над оленихой
отец-красавец дозор несёт:
на ложе, сбитом его копытом —
не только самка, но и приплод:
там, юн и тонок, спит оленёнок,
чей возраст можно считать на дни:
ещё пятнистый, по-детски чистый,
он ровно дышит в лесной тени.

Преумножая блеск урожая,
приходит осень в свои сады;
всё, что созрело — найди умело,
и осторожно срывай плоды.
конец работы: размякли соты,
впрок заготовлен и часа ждёт:
трудом тяжелым ты дался пчелам,
в глубоких бортях созревший мёд.

Подлесок здешний богат орешней:
сверкают гроздья в листве сухой,
предельно хрупок ковёр скорлупок
пропитан влагой и шелухой;
долинный воздух в рябинных гроздах,
давно созревших в листве густой;
любых расцветок полно средь веток
и весел юный зеленостой.

Любуйся, странник: любой торфяник
душе умеет дарить уют.
стоят упорно стволы Мамлорна,
и многим птицам жильё дают.
Рассвет весенний: стада оленей
измучил голод, измаял страх —
они по круче идут в живучий
Раздол Тумана в родных горах.

Перевод с шотландского гэльского
Евгения Витковского


Duncan Ban MacIntyre's other poems:
  1. Coire Cheathaich; Or, the Glen of the Mist


Распечатать стихотворение. Poem to print Распечатать (Print)

Количество обращений к стихотворению: 1191


Последние стихотворения


To English version


Рейтинг@Mail.ru

Английская поэзия. Адрес для связи eng-poetry.ru@yandex.ru