James MacIntyre


Òran don Ollamh MacIain


An t-ollamh thàinig á Sasann
‎ ‘N coinneamh ri masl’ thoirt do dh’Alba,
Ged fhuair e suairceas da chleachdadh
‎ ‘Na astar air feadh nan Garbhchrioch,
Cho luaithe ràinig e dhachaigh
‎ Gu garaidh altram an t-seana-bhruic
Na rug an trùileach an asaid
‎ De bhreugan ascaoin ‘s de shalachar.

Ach se ‘n Donas fhéin a spor thu
‎ Thug an toil dhuit gun a chàileachd:
Bu chomhartaich dhuit ris a’ ghealaich
‎ Bhith tabhann ri clannaibh nan Gàidheal —
Is olc, a thrù, nach tug thu ‘n aire
‎ Mun robh thu cho labharra dhàna
Nach e ‘n cù as cruaidhe dealann
‎ As doimhne a ghearras a nàmhaid.

S dearbha nach fiach leam it’ iolair
‎ A spùilleadh, no tharraing à balg, dhuit:
S math a dh’fhóghnas leam a’ ghèadhach
‎ Shlìom, ghlas, laghach gad mharbhadh —
Ceapag bhog challtainn gun chorran,
‎ Gun ghuin, gun oirean, gun chalg oirr’,
A lotas do theanga ‘s do cholann
‎ As comh-buige re torran mhealgan.

Chan eil mi creidsinn ga-rìreadh
‎ Gur Iaineach friamh na béiste,
Sann a fhuaridh e le mhàthair
‎ Ri coigreach le nàdar Bhénuis:
Balach gun mhodh, lomlàn miosgainn,
‎ Tràill neo-mhiosail air fhéin e —
Is tusa an fheòil a chaidh a dholaidh,
‎ A dhùbail boladh, air brénid.

Ach chan eil coille gun a crìonach
‎ ‘S bidh clamhan lìonmhor sna seòcaibh,
S ainneamh ri fhaotainn magh cruithneachd
‎ Gun bhuilgear ann, gun fhòtas;
Tha coimeasg ri fhaighinn gu minig
‎ Anns na gineachainn as bòidhche,
‘S chan iongnadh thusa bhith ad’ thrustair,
‎ Ad’ thàir, ‘s ad’ ghusgall de d’ sheòrsa.

Gur tu an losgann sleamhainn tàrrbhuidh,
‎ S tu màigein tàirrngeach nan digean,
Gur tu tearc-luachrach a’ chàthair
‎ Ri snàg ‘s ri màgaran mìltich;
S tu bratag sgreataidh an fhàsaich,
‎ S tu ‘n t-seilcheag ghrànda, bhog, lìtheach,
S tu ‘n cartan nach fhuarasta thàrsainn
‎ Uait na thàrras tu ‘nad ìngean.

Gur tu ‘n sgonnachù gollach, sgallach,
‎ S tu tramasgal salach gach fàs-phoir,
S tu soplach is moll na fasnaig
‎ An àm sìol reachdmhor a chàthadh;
S tu tom odhar an tombaca,
‎ Gur tu stad feachda o bhlàraibh,
Gur tu croman-luch’ na h-ealtainn —
‎ S tu nis mìr-cagnaidh nam bàrdan.

Gur tu fuidheagan an aodaich,
‎ Gur tu cnò-chaoch na fìor fhàsaig,
S tu am madadh-allaidh air chonfhadh,
‎ Gur tu meas toirmisgt’ a’ ghàraidh,
S mòr tha de bheusan, a bhalaich,
‎ A’ bhrùid air carradh ad’ nàdar —
Chan iongnadh ged tha thu sgreamhail
‎ San fhail anns an deachaidh t’ àrach.

Cha bu tu ‘n droigheann no ‘n cuileann
‎ No ‘n t-iubhar fulannach làidir,
Chan eil mir annad den darach
‎ No de sheileach dearg nam blàran;
Tha chuid as mò dhiot de chritheann,
‎ Ìngnean sgithich ‘s làmhan feàrna —
Tha do cheann gu léir de leamhan,
‎ Gu h-àraidh do theanga ‘s do chàirein.

Ceann puinnsein h a chinnich ‘na fhàsach
‎ Den fhailbhe ‘s den àileadh lomlàn
Gann uiread maighdeige-tràghad
‎ De dh’eanchainn nàdarr’ ad’ throm-cheann,
Chan iongnadh ged thigeadh toth gràineil
‎ O dheudach beàrnach do ronnachraois
‘S do chom gun chridhe gu d’ àinean
‎ Ach uiread màleid de dhombias.

Am measg nan iasg s tu ‘n dallag mhùrlaich,
‎ A’ bhiast mhùgach sin ‘m mac-làmhaich,
S tu ‘n t-isean á meadhan na bréine,
‎ Am broc ‘s a shròn ‘na chéir trì ràithean,
A’ mhial chaorach dha’n ainm at t-seulain,
‎ Salach an spréidh tha dhuit càirdeach —
‘S mur bitheadh nach toil leam ainm éisge,
‎ Gun dùraiginn fhéin do sgràilleadh.

Ach nì mi nis a bhrìgh do sgòrnail
‎ Glomhar ad’ bheul mòr a sparradh
Nach dealaich riut fhads as beò thu,
‎ Gach aon deireadh lò ga theannadh;
Bharrachd air na gheibh thu de riasladh
‎ Air ballan-stiallach gad spannadh —
B’ fheàrr dhuit nach beirte bho thòs thu
‎ Ach ad’ mharbh-laogh bò gun anam.






English Poetry - http://eng-poetry.ru/english/index.php. E-mail eng-poetry.ru@yandex.ru